Lìonra

Luchd-eagrachaidh

Scottish Crofting Federation

Garden Organic

Practical Action

UK Food Group

Luchd-taice

Farmers Seed  EU

LLD7 2012 Flyer


Sgaoileamaid Farsaingeachd! - ALBA 2012

A' comharrachadh sìol nan croitearan

9mh gu 11mh Màrt 2012


Is e na tha ann am fòram Sgaoileamaid Farsaingeachd cruinneachadh bliadhnail de thuathanaich is de chomainn às an Roinn Eòrpa gu lèir, is iad air an toirt còmhla ann an lìonra-sìl Eòrpach. Is e an t-ath fhòram an seachdamh fear agus thèid a chumail ann an Srath Pheofhair air a' Ghàidhealtachd bho 9 gu 12 Màrt 2012.

Is e an cuspair a bhios ann aig a' chruinneachadh an ath bhliadhna Comharrachadh Sìol nan Croitearan agus mar a chuireas seo ri ri cleachdadh an fhearainn, bith-eugsamhlachd àiteachail agus an luach àrd a tha air na siorrachdan-croitearachd - air a bheil cuideachd Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba.

Ann an dreachd a' chlàir tha taisbeanadh phostairean, iomlaid-sìl, fèis fhilmichean agus buidhnean-obrach air gleidheadh an t-sìl: ceanglaichean eadar gleidheadh is cleachdadh air an tuath agus air falbh bhon làthair (cruinneachadh gineach); reachdas an AE air sìol; aonadh le luchd-cleachdaidh is luchd-àrainneachd; gleidheadh an t-sìl dhùthchasaich is iomlaid eadar aodhairean a' chinn a tuath is a' chinn a deas; an clàr-obrach eadar-nàiseanta: cunnradh eadar-nàiseanta air goireasan gintean lusan; cruinneachadh na cruinne 2012; toirt a-mach uachdranachd a thaobh bidhe - strì an fhearainn, eugsamhlachd agus còraichean thuathanach.

For pictures of the 2012 Forum in Strathpeffer please click here.



Luchdaich a-nuas bileag Fòram LLD7


The Strathpeffer Pavilion will be hosting the LLD7 Forum in March 2012. Let's Liberate Diversity 2012 Flyer - English Version

Libérons la Diversité 2012 - French Version

Vamos a liberar la diversidad 2012 - Spanish Version

Let's Liberate Diversity 2012 Flyer - German Version

Tha an cruinneachadh ga chur air dòigh le Cò-ordanachadh na h-Eòrpa air Sgaoileamaid Farsaingeachd ann an co-bhonn ri Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Leabharlann Sìol na h-Oighreachd/Garraidhean Organach, Gnìomhan Practaigeach agus buill eile de bhuidheann-bidhe na Rìoghachd Aonaichte.